dcsimg

Cathair-thalmhainn ( Scottish Gaelic )

provided by wikipedia emerging languages

'S e luibh ioma-thaobhach a th' anns a' Chathair-thalmhainn (Laideann: Achillea millefolium) [2].

Sirear i ann an gàrraidhean sna dàthan diofraichte, ach 's e luibh slànachail a th' innte cuideachd. Bha i aithnichte do na Greugaich seana mar-tha is bha guth oirre anns an fhionn-sgeul mu Aicheall, oir thuirt ban-dia Rìbhinn dha a' chathair-thalmhainn a chleachdadh airson a lot a shlànachadh.

Luibh-eòlas

Fasaidh a' chathair-thalmhainn ann an faichean, feuraich, ri taobh achaidhean is slighean air feadh na Roinn-Eòrpa bhon Mhuir Mheadhanach gu Cearcall na h-Arctaig, nan Stàitean Aonaichte is Àisia a Tuath.

Faodaidh na cuiseagan a' fàs gu 0,3-1 m a dh'àirde. Is toil leatha àitichean tìoram is soilleir agus mar sin chan fhaicear i faisg air uillt no ann an faichean fliucha ach is coma leatha mu theasa, fhuachd no luime.

Chìthear a' chiad bhachlag as t-earrach. Fàsaidh an toiseach dad ach duilleagan bachlach mar ròsag. Bidh i fo bhlàth eadar an t-Òg-mhìos is an Dàmhair.

Samhla

Fàsaidh na freumhan faisg fo uachdar na talmhainn gu math còmhnard, ach chan eil e furasata a' chathair-thalmhainn a bhuain air sàilibh dìorras nan cuiseagan. Cruinnichidh na braonain aig na freumhan agus coimheadaidh iad mar bollagan, ach chan e feadhainn a th' ann. Bidh na blàthan lìonmhor glè bheag. Mar as àbhaist bidh iad geal, ach uaireannan bidh iad rud beag pinc.

Grìtheid

Essential oil, Tannins, Flavonoids, Chamazulen, co-adhbharan searbha.

Cleachdadh

Cleachdar a' chathair-thalmhainn mar leigheas air làn abdomanach, trioblaid rè fuil mhìosail, gaothan oir obair iad ana-bhactirideach, teannachadh, flagachadh iodhan is ma a bhios càil a dhìth. Òlar i mar masgadh ma-thà. 'S e blàs rud beag searbh a th' ann. Nighear lotan iongarach neo cnàimhseagan leis a' chathair-thalmhainn.

Iomraidhean

  1. Faclan Nàdair aig Dualchas Nàdair na h-Alba
  2. Gaelic names of plants
license
cc-by-sa-3.0
copyright
Ùghdaran agus luchd-deasachaidh Wikipedia

Cathair-thalmhainn: Brief Summary ( Scottish Gaelic )

provided by wikipedia emerging languages

'S e luibh ioma-thaobhach a th' anns a' Chathair-thalmhainn (Laideann: Achillea millefolium) .

Sirear i ann an gàrraidhean sna dàthan diofraichte, ach 's e luibh slànachail a th' innte cuideachd. Bha i aithnichte do na Greugaich seana mar-tha is bha guth oirre anns an fhionn-sgeul mu Aicheall, oir thuirt ban-dia Rìbhinn dha a' chathair-thalmhainn a chleachdadh airson a lot a shlànachadh.

license
cc-by-sa-3.0
copyright
Ùghdaran agus luchd-deasachaidh Wikipedia